Iasgach
Tha cuid dhen iasgach as fheàrr airson a’ bhric agus a’ bhradain a gheibhear an àite sam bith ri fhaighinn ann an Uibhist. Chan eilear a’ stocadh nan uillt no nan lochan agus tha cion thuathanasan èisg air taobh siar nan eileanan a’ ciallachadh gu bheil an sruth gineach fhathast fìor-ghlan.
Le 15% de dh’fharsaingeachd-uachdair uisge fìor-ghlan Bhreatainn tha taghadh gu leòr aig iasgairean bho lochan air talamh gainmhich a’ mhachaire gu lochan air talamh mòintich a-muigh am measg nam beann.
Bithear tric a’ faighinn bhradain agus bhric de dheich puinnd a chuideam agus tha dùbhlan ro chuid de dh’iasgairean le cuid den na bric a bhios a’ sabaid gu teann leis an t-slat.
Gheibhear tuilleadh fiosrachadh air iasgach agus uisgeachan Stòras Uibhist aig www.southuistfishing.com.
Sealgaireachd
Faodar a dhol air saor-làithean fad seachdain as t-samhradh agus as t-foghar far am faodar sealg agus iasgach. Tha an t-sealgaireachd air a chur air dòigh leis na geamairean a tha a’ coimhead às dèidh slàinte agus àireamhan nam fiadh agus nan eun fhiadhaich gus dèanamh cinnteach gu bheil iad falainn, gum bidh na h-àireamhan seasmhach agus gum bi am buaidh air obair croitearachd agus air a’ choimhearsnachd cho beag agus as urrainn.
Gheibh aoighean aig Loidse Ghròigearraidh (www.grogarrylodge.com) a’ chiad chothrom air sealgaireachd, ach an uair a bhios cothrom ann, faodaidh buidhnean nach eil a’ fuireach anns an loidse a dhol a shealg cuideachd.
Print This Page
English
Gàidhlig
