Croitearachd

Tha còrr ’s 95% de thalamh Stòras Uibhist fo chroitearachd, a’ gabhail a-steach a mhòr-chuid de na 55,000 acraichean den talamh mòintich air taobh an ear Uibhist a Deas.

A bharrachd air a bhith a’ cruinneachadh màl chroitean tha dleastanas laghail aig Stòras Uibhist a thaobh a bhith a’ coileanadh dreuchd uachdaran. Tha iomadh gnìomh an sàs an seo, nam measg tha uallach airson siostam drèanaidh na h-oighreachd, uallach airson smachd a’ chumail air na fèidh, smachd chriomairean agus obair rianachd co-cheangailte ri croitearachd agus gnòthaichean fearainn.

Gheibhear ceanglaichean gu fiosrachadh co-cheangailte ri cùisean chroitearachd a bharrachd air foirmean airson atharrachaidhean ann an sealbh chroitean gu h-ìosal.

  1. A’ ceannach croit (.pdf, .doc) (Beurla)
  2. Ceangal gu Làrach Ùghdarras nan Croitearan – duilleag nan Foirmean agus nam Foillseachaidhean: www.crofterscommission.co.uk/p_downloads.htm
  3. Bunaid nan Croitearan: www.croftingfoundation.co.uk
  4. Cùirt Fearainn na h-Alba: www.scottish-land-court.org.uk
Print This Page Print This Page