Tha Bòrd Stiuiridh Stòras Uibhist air a dhèanamh suas de sheachdnar a chaidh an taghadh gu deamocratach agus aon Stiùiriche a chaidh a cho-thaghadh.
Tha gach stiuiriche neo-ghnìomhail agus air an taghadh airson ùine stèidhte agus tha stiùireadh a thaobh taghadh agus ath-thaghadh Stiùirichean mar phàirt de bhun-reachd na companaidh. Tha e mar dhleastanas aig na Stiùirichean poileasaidhean agus prìomhachasan na companaidh a stèidheachadh.
Chaidh Ceannard na companaidh a chur ann an dreuchd leis na Stiùirichean ’s tha obair làitheil na companaidh fo stiùir agus tha làn chead gnìomhail aige.
Stiuirichean Stòras Uibhist
Aonghas Mac a’ Mhaoilein – Fear-cathrach
Rugadh agus thogadh Aonghas ann an Uibhist. Chaidh e dhan sgoil ann an Dalabrog, agus anns a’ Ghearasdan agus lean e air le fhoghlam foirmeil ann an Glaschu. Dh’obraich e ann an gnìomhachas a ghlaodhain agus a’ phàipeir agus anns a’ ghnìomhachas ceimigeach mar einnseanair tionsgalach mus do thill e a dh’obrachadh dhan Chomhairle ann an Roinn na Sgiobachd agus ann an Seirbheisean Stiùiridh. As dèidh seo chaidh e an sàs anns an IDP a’ cur companaidh tuathanais-èisg air bhonn. Tha e a-nis na Stiùiriche companaidh bhradan fàs-bheairteach.
Tha e cuideachd pòsta aig tè à Barraigh agus tha dithis mhac aca. Tha e na chroitear a’ cumail an dà chuid caoraich agus crodh.
Maighistir Mìcheal MacDhòmhnaill – Iar Fhear Cathrach
Ged a thogadh Maighistir Mìcheal anns a’ Ghearasdan ’s ann às àisgernis ann an Uibhist a Deas a bha a mhàthair. Chaidh oideachadh anns an Scots College, anns an Ròimh agus an Oilthigh Gregorian.
Tha Maighistir Mìcheal a-nis na shagart air paraistean àrd Choinnich agus Bornais ann an Uibhist a Deas. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadach pròiseact coimhearsnachd thairis air na bliadhnachan, nam measg tha Co-chomunn Brandane ann am Baile Bhòid, Pròiseact Ath-chomas Dhrogaichean san òban, Coinneamh Nàiseanta nan Sagart agus Urras Dùthchail nan Eileanan mu Dheas.
Dàibhidh Blaney – Stiùiriche
Bha Dàibhidh na Oifigear Banca a bha ag obair ann an roinn an ionmhais airson 20 bliadhna mus do leig e dheth a dhreuchd. Tha Dàibhidh air a bhith na phàirt chudromach de dh’iomadach buidheann coimhearsnachd ann an Uibhist airson 15 bliadhna. Tha e na Chomhairliche Sgìreil, na iomnhasair agus gu saor-thoileach airson Buidheann Comhaile an t-Sluaigh.Tha e na ionmhasair de Bhuidheann Leasachaidh a Chinn a Deas agus do Bhuidheann Guides nan Eilean Siar. Tha e cuideachd air Bòrd Stiùiridh Thaighean Innse Gall agus na Iar Cheannard air Fòram òigridh a Chinn a Deas.
Tha e pòsta aig Christine ’s tha coignear chloinne agus aon ogha aca
Sarah NicEachainn – Stiùiriche
Thogadh Sarah ann an Uibhist a Deas agus cheumnaich i à Oilthigh Obar Dheathain le Ceum ann an Gàidhlig.
às dèidh dhith ceumnachadh bha Sarah ag obair ann an Inbhir Nis mus deach i an uair sin a-null a Bhaile Atha Cliath airson bliadhna. Tha i a-nis ag obair na h-Oifigear Phròiseactan do Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus stèidhte ann an Uibhist a Deas.
Tha Sarah a’ tighinn bho theaghlach a tha gu mòr an sàs ann an croitearachd agus bithear tric ga faicinn air an rathad air Disathathairne a buachailleachd chaorach.
Seonnaidh Mac Ille Mhaoil – Stiùiriche
Thogadh Seonnaidh ann an Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a Deas, aon a-mach à teaghlach de dheichnear. Thill Seonnaidh a dh’Uibhist às deidh na colaiste, bha e ag obair na iasgair airson grunn bhliadhnaichean mus tàinig e a dh’obair gu Iomairt Nan Eilean Siar na Oifigear Leasachaidh Eaconamach Coimhearsnachd. Thàinig e an uair sin gu Comhairle nan Eilean Siar far a bheil e ag obair na Oifigear Thabhartasan agus Inbhe Thogalaichean.
Tha e pòsta aig Fiona ’s tha mac agus nighean aca. ’S e croitear a th’ ann.
Màrtainn Matheson – Stiùiriche
Ged ’s ann à Uibhist a Deas a tha teaghlach Mhàrtainn, chaidh a thogail ann an Glaschu mus tàinig e a dh’fhuireach agus a dh’obair ann an 1983.
Tha e na Neach-tomhais Cumhnantaichte agus tha e ag obair airson Comhairle Earra-ghaidheal agus Bòid a’ roinn a chuid ùine eadar a bhith ag obair aig an dachaigh ann an Uibhist agus a bhith san oifis ann an Earra-ghaidheal.
Tha e air a bhith pòsta aig Susan airson fichead bliadhna ’s tha dithis ghillean agus dithis nighean aca. ’S e croitear a th’ ann.
Seòras MacAmhlaigh- Stiùiriche
Lorne MacLeòid – Stiùiriche
Rugadh Lorne san òban far a bheil e a-nis a’ fuireach. Tha e na chunntasair cùmhnantaichte ag obair gu sònraichte còmhla ri buidhnean coimhearsnachd agus charthannasan. Bha e na Stiùiriche air Buidheann Neartachaidh Choimhearsnachdan HIE agus roimhe sin bha e na Cheannard air Iomairt an Eilein Sgìtheanaich ’s Loch Aillse. Bha e na bhall air Bòrd Urras Dualchais Eilean Ghiogha airson 6 bliadhna às deidh crìoch a chur air an sgrùdadh chomasachd agus air a’ phlana gnìomhachais airson ceannachd an eilein ann an 2002. Tha e an-dràsta na Stiùiriche air Bòrd Chaledonian Mhic a’ Bhruthain a bharrachd air a bhith na Stiùiriche de ghrunn ghnìomhachasan air an Eilein Sgitheanaich.
Huw Francis – Ceannard
Rugadh agus thogadh Huw ann a taobh an Iar na Cuimrigh. Cheumnaich e le ceum ann an einnseanearachd bho Oilthigh Cranfield agus fhuair e Teisteanas Iar Cheumnach ann an Stiùireadh Gnìomhachais bho Oilthigh Stàit Chonnecticut.
Tha e air obair ann am Breatainn, Hong Kong, An Tuirc agus An Fhraing mar einnseanair, na cho-chomhairliche gnìomhachais agus margaideachd agus na neach-comhairleachaidh airson malairt eadar-nàiseanta.
Tha Huw pòsta le triùir chloinne.
Print This Page
English
Gàidhlig
