Gnòthachas

Tha Stòras Uibhist a’ ruith Loidse Ghròigearraidh a bharrachd air an t-sealg, an t-iasgach agus a’ chroitearachd às na h-oifisean aca. Tha iomadach pìos den oighreachd air mhàl aig gnìomhachasan ionadail agus aig buidhnean a tha cudromach dhan eaconamaidh ionadail:

Cuaraidhean

Tha companaidhean togail ionadail ag obrachadh sia cuaraidhean ionadail gus creag, moraghan agus gainmheach a chladhach a thèid a chleachdadh airson pròiseactan togail ionadail a tha maoinichte leis an ùghdarras ionadail, Comhairle nan Eilan Siar, agus Riaghaltas na h-Alba a bharrachd air taigheadas agus obraichean togail eile san roinn phrìobhaideach.

Làraich Choimearsalta

Tha àireamh beag de làraich air an toirt seachad air mhàl gu prìobhaideach. Am measg nan làrach tha feadhainn airson tuathanachas èisg, làraich oifis agus àiteachan stòraidh a bharrachd air factaraidhean giullachd bidhe agus goireasan coimhearsnachd.

Tuathanasan Èisg

Ri lìnn crìonadh an iasgaich tha gnìomachas thuathanasan èisg air a bhith fìor chudromach do dh’eaconamaidh nan Eileanan Siar. Tha luchd-gnìomhachd a tha ag obair ann an sgìre na h-oighreachd a sìor choimhead ri dòighean obrach nas seasmhaiche agus tha fear de na tuathasan fàs-bheairteach as motha san Rioghachd Aonaichte an seo.

Tha gnìomhachasan ionadail a’ coimhead às dèidh chùisean bho thoiseach gu deireadh, bho bhith a briodadh an èisg anns a’ chiad dol-a-mach gu giullachd gu pacaigeadh.

Talamh Leasachaidh

Tha grunn phìosan talamh rim faighinn airson leasachadh coimearsalta an taobh a-staigh talamh Stòras Uibhist. Tha cosgaisean tharraingeach rim faighinn airson talamh mar seo a ghabhail air mhàl agus bidh sgioba-leasachaidh na buidhne toilichte bruidhinn air plànaichean sam bith a tha fa-near dhuibh agus ur cuideachadh gus an toirt gu buil ma ghabhas sin dèanamh.

Tha deagh cheanglaichean eadar Stòras Uibhist agus na buidhnean leasachaidh ionadail a bharrachd air seirbheisean taic eile agus nì sinn ar dìcheall pròiseacan den t-seòrsa seo adhartachadh.

Pròiseact Cumhachd Ath-nuachdail

Leis a’ phròiseact seo tha Stòras Uibhist ag obair gus suas ri còig muilnean gaoithe 850 Kw a chur suas agus a’ chumhachd a thig asta a chur ris an t-Sòlarachadh Nàiseanta. Thèid prothaidean às a phròiseact seo an tilleadh a-steach don eaconamaidh ionadail gus obair gnìomhachais ùr a bhrosnachadh.

Tha pròiseactan nas lugha gan toirt air adhart gus cumhachd a chruthachadh dìreach do ghnìomhachasan ionadail agus tha Stòras Uibhist toilichte beachdachadh air pròiseactan ùra air a bheilear a smaoineachadh co-dhiu ’s ann bho ghnìomhachasan stèidhte no bho fheadhainn ùra a tha iad.

Cidhe Loch Baghasdail

Tha buaidh mhòr aig ceanglaichean còmhdhail eadar na h-eileanan agus tìr-mòr air malairt, turasachd agus beatha làitheil mhuinntir an àite. Air sgàth seo tha Stòras Uibhist air a bhith a’ leasachadh phlànaichean gus cidhe ùr agus goireasan ùra a thogail, nam measg sin tha taigheadas ùr sa bhaile.

Bidh e comasach do bhàtaichean nas motha ceangal aig a’ chidhe seo (suas gu 8.5m a dhoimhneachd fon uisge) nam measg bàtaichean chùrsa mara agus bàtaichean choimearsalta a bhios a’ ruith a bharrachd air na seirbheisean aiseig a th’ ann mar-thà. Bìdh goireasan òrduigheachd air an cur an gnìomh gus gnìomhachasan ionadail a chuideachadh ann a bhith a’ farpais ri gnìomhachasan air tìr-mòr.

Nuair a thòisicheas RET (Road Equivalent Tariff) air faraidhean aiseig ’s e cidhe Loch Baghasdal an aon chidhe a bhios deiseil airson an àrdachadh ann an ìre na trafaig.

Ma bhios Stòras Uibhist soirbheachail ann a bhith a’ faighinn seirbheis dìreach eadar Malaig agus Loch Baghasdal bidh an eaconamaidh ionadail ann am fìor dheagh shuidheachadh gus a bhith a’ farpais le gnìomhachasan air tìr-mòr airson a’ chiad uair.

A bharrachd air a’ chidhe fhèin, bidh taigheadas, marina agus seirbheisean turasachd ’s iasgaich air an cur bhonn ann an stoidhle baile-iasgaich air a’ Chost an Iar.

Print This Page Print This Page