Tha eachdraidh an raoin a’ dol air ais gu 1891, nuair a dhealbh Seann Tom Morris e air na bruachan gainmhich aig Tuathanas Àisgernis. Tha Raon-goilf Àisgernis an dràsta ga ath-bheòthachadh.
San Dùbhlachd, 2005, Thadhail Gordon Irvine, fear de na luchd-glèidhidh rèidhlean as ainmeile san t-saoghal, air Àisgernis ’s e air a chluintinn gun robh raon Seann Tom Morris ann uaireigin. Bha e air a bheò-ghlacadh leis an t-sealladh-tìre agus chuir e beachd mu choinneimh na comatadh gum feuchadh iad ri dhèanamh suas às ùr chun nan 18 toll a chuir Seann Tom Morris a-mach.
Ged a bha comataidh a’ chlub dealasach a thaobh leasachadh an raoin theab cion maoineachaidh stad a chur air na plànaichean mus do thòisich iad. Mhol Gordon Irvine luchd obrach saor-thoileach a chleachdadh a bheireadh seachad an ùine agus an eòlais an asgaidh gus an raon a thilleadh air ais mar a bha e agus gus eacomamaidh Uibhist a bhrosnachadh.
Dh’obraich Gordon Irvine gu dìchealach, chruinnich e còmhla buidheann de dh’eòlaichean agus thill e chun an eilein sa Mhàrt 2006. Chuir ailtire a tha ainmeil a thaobh dealbhachadh raoin goilf, Martin Ebert bho MacKenzie agus Ebert agus sgioba de luchd obrach saor-thoileach à Uibhist agus nas fhaide air falbh, seachad dà latha a’ cur air dòigh plana de raon goilf le 18 toll. Tha an raon seo a’ gabhail a-steach iomadh àite a bhathar a’ creidsinn a bha nam pàirt den chiad raon.
Bhon àm seo tha Club Goilf Àisgernis air a bhith ag obair air a’ phròiseact ath-bheòthachaidh agus chaidh crìoch a chur air plana an raoin tràth sa Mhàrt 2008. Tha mìltean de dh’uairean saor-thoileach air a dhol a-steach dhan phròiseact agus tha e a-nis na raon a th’air moladh mòr fhaighinn sna meadhanan air feadh an t-saoghail.
Tha Club Goilf Àisgernis (www.askernishgolfclub.com), na CIC (Community Interest Company), bìdh prothaidean sam bith a nì an club air an tilleadh a-steach a phròiseactan a bhios nam buannachd don choimhearsnachd.

Print This Page
English
Gàidhlig
